Rural Venues

Arts nan Eilean venues

 


Talla Choimhearsnachd An Tairbeirt, Rathad na Cala,An Tairbeirt, HS3 3DG

Anns an Ionad tha talla mhòr le àrd-ùrlar, dà rùm nas lugha agus cidsin. Bidh cèilidhean, pàrtaidhean, consairtean, geammanan spòrs, cò-fharpaisean, coinneamhan agus fèillean rèic air an cumail san Ionad. Cuiribh fios gu Anna Feargastan.  

tarbertcc@hotmail.co.uk



Talla an t-Oib  HS5 3TS

Anns an Ionad tha àrd-ùrlar a gabhas gluasad agus seathraichean a ghabhas am pasgadh, Rùm gheamannan, rum choinneamhan, cidsin, stòr, taighean beaga agus àite-fras. Bidh bàinnsean, teatair agus cèilidhean anns an Talla. Tha Chrisine Hurley agus Martin Myers agus ochdnar eile a cur air adhart tachartasan an seo an luib am buidheann Ealain is Dualchas na Hearadh.   

www.harrisarts.org


 

Taigh Òsta Beinn a’ Bhaoghla, Creag Goraidh, Beinn a’ Bhaoghla, Uibhist   HS7 5PG

 

Tha seann nòs agus nòs ùr a luib an taigh òsta seo, ged a tha dreach “Seann Taigh Osta Chreag Goraidh” ann fhathast. Deàgh àite airson a bhith ag amhairc air eòin agus beathaichean , deàgh àite airson deilbh, a bhith a’ coiseachd agus a falbh air rothair. Tha Mary Schmoller agus Ceòlas a cur air adhairt tachartasan ealain an seo  

www.ceolas.co.uk



Talla Coimhearsnachd Uig Timsgearraidh  HS2 9JG

Anns an Ionad seo tha cafaidh, rùm choinneamhan, talla mhòr le solais LED, rùm computairean, cidsin agus àite eacarsaich. Tha Taigh Tasgaidh Comann Eachdraidh Uig a’ tasgadh an dualchas agus a’ taisbeanadh eachdraidh na sgìre. Tha an cafaidh agus an Taigh Tasgaidh fosgailte eadar an Cèitean agus an t-Sultain eadar 12 agus 5 uairean  

http://uigcommunity.com



Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh, Leòdhais HS2 9JG

Tha an talla seo air a ruith le comataidh èasgaidh. Tha talla mhòr, ionad dannsa, àite eacarsaich, àite oigridh, rùm chomputairean, taigh tasgaidh agus cafaidh anns an Ionad. Tha an ionad-smalaidh agus àite an dotair an ath dhoras. Tha an Taigh Tasgaidh agus an cafaidh fosgailt air an t-sàmhradh. Diluain gu Diahoine 12-4. ’S e Tomas Dòmhnallach a bhios a’ cur air àdhairt tachartasan ealain an seo.



Rudha an Fhithich, Taobh a Deas nan LochHS2 9QA

Ri bruaich Loch Eirisoirt air Eilean Leòdhais, tha a’ choimhearsnachd a ruith Ionad Rudha an Fhithich, far a bheil òsdail, cafaidh, bùth agus taisbeanaidhean air dualchas, eachdraidh agus ealain ionadail    

www.ravenspoint.co.uk



Talla Bhùirgh, Bòrgh  HS2 0RX

‘S e buidheann coimhearsnachd saor-thoileach a tha a ruith Talla Bhùirgh. Tha an Ionad seo a frithealadh dhaoine san sgìre Taobh an Iar Thuath Leòdhais. Tha talla mhòr, rùm choinneamhan, cafaidh, cidsin, àrd ùrlair gluasadach agus uidheaman fuaim ’s solais, airson na stèidse san ionad seo.

www.borvehall.com


Talla Bhùirgh, Bòrgh HS9 5XD

Tha an Talla a-meadhan Bàgh a’Chaisteil. Tha àrd-ùrlar, bàr, rumannan beaga, cidsin agus oifis innte. Bidh tachartasan coimhearsnachd, coinneamhan, tachartasan ealain agus fèill rèic san ionad seo tric.



Talla Chairinis, Uibhist a Tuath  HS65EJ

Bidh buidhnean òigridh agus eile a cleachdadh na talla seo nuair a bhios iad a’ tional airgid. Tha an talla seo soilleir ùr, le talla mhòr, cidsin, ionad fàilte agus pàirce chàraichean air beulaimh an togalaich ga daoine gun chomas. ’S e Seòras agus Rosemary Jackson a bhios a cur air adhairt tachartasan an seo.
 


Talla Baile a Bhanaich, Slighe Tindill, Baile a Bhanaich  HS7 5LG

Dh’ fhosgail an ionad coimhearnsachd anns a’ Cheitean 2008 a toirt làrach ga cur seachadan, fòglam, àite coinneachaidh ga muinntir Beinn a Bhaoghla agus an sgìre nas fharsainge, ‘S e Dòmhnall Greumach agus Iain Dòmhnallach a tha a’ cur air adhairt tachartasan ealain an seo.



Taigh Dhonnchaidh , 44 Tabost, Nis HS2 0TG

’S e Taigh Dhonnchaidh,,44 Tabost a dh’fhosgail an 1998 an Ionad Ealain ’s fhaide Tuath an Alba. Thug Donnchadh Moireasdan an taigh ga Comann Eachdraidh Nis, bha Donnchadh Moireasdan na neach ciùil a bhiodh a teagaisg piàna. Tha an ionad blàth seo a chur fàilte air tachartasan a tha a togail air dualchas, ceòl is ealain na sgìre. Tha Comataidh Taigh Dhonnchaidh agus Dave Stokes a cur air adhairt tachartasan ealain an seo.  


 
Talla Bhàgh a Tuath  HS9 5QY

Tha Talla Coimhearsnachd a’ Bhàgh a Tuath mar mheadhan air iomadach tachartas coimhearsnachd. Bidh cafaidh ann gach Diardaoin rè an t-sàmhraidh. Faisg air laimh tha garadh coimhearsnachd a’ Bhàgh a Tuath.



Spòrsnis, Lional  HS2 0XB

Tha gym, sauna agus talla spòrs, goireasan cò-labhairtean, ionad fòghlam,, amar snàmh agus ionad bowling an seo. ‘S e Alasdair Dunlop a bhios a cur tachartasan air adhairt an seo.

http://sporsnis.co.uk
 


Talla Naomh Phàdraig , Dalibroc, Uibhist a Deas   HS8 5SN

Tha Talla Staoinibrig na h-àite coinneachaidh goireasach an Uibhist a Deas. ‘S e Mary Schmoller agus Ceòlas a bhios a cur air àdhairt tachartasan an seo

venue is Mary Schmoller and Ceolas www.ceolas.co.uk
 






Rural Nations is a  limited Company: SC No. 344858,  VAT No. 983229204,
Reg office: 57 Westview Terrace, Stornoway, Isle of Lewis, Scotland, HS1 2DG, Mob:0044 (0) 7789 117740,  
Email: muriel@ruralnations.com


 

website by plexus media