Starsaich

’S e luchd-ealain a tha a stiùireadh Rural Nations (Alba ) CIC a bhios a' coimiseanadh fiolmaichean, tèatar san nòs ùr agus pròiseactan ealain, ga luchd-amhairc nan Eileanan an Iar

Bidh a’ chompanaidh ag obair am còm-pàirteachais ri buidhnean eile, agus a' toirt cosnadh ga luchd-ealain bho air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Bhreatainn agus dùthchanan eile. A' deasachadh obair shònraichte a tha togail air àrraineachd na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, tachartasan eachdraidheil, mu na daoine, gnothaichean poileataigs agus an dualchas.

Tha a’ Ghàidhlig tric air a cleachdadh, bidh puppaidean agus cruth bheathaichean air an deasachadh. Bidh cleasaichean a' togail air àbhachas, a' cleachdadh tèatar na bodhaig agus dòighean far am bi daoine ag obair ‘s a cruthachadh còmhla.

Tha Rural Nations a' toirt taic dhan iomairt Arts nan Eilean, lìonradh saor thoileach a tha a cur air adhairt tachartasan anns na coimhearsnachdan aca fhèin. Bidh a’ chompanaidh a’ sìreadh maoin airson companaidhean ealain a tha siubhal na rìoghachd le deilbh cluich agus tachartasan dannsa, a' toirt dhan sgìre. Tha an iomairt seo a' toirt sàr-sgilean agus tachartsan aig ìre nàiseanta dha na coimhearsnachdan anns na h-Eileanan an Iar.

Tha Rural Nations a' gabhail uallach na h-àrraineachd agus bidh am fèis fiolm bhliadhnail HIFF-Fèis Fiolm Eadar Nàiseanta Innse Gall a’ cruinneachadh fiolmaichean dràma agus aithriseach bho air feadh an t-saoghail. ‘S e cuspair na bliadhna Eileanan agus Àrraineachd.


Lorg sinn air facebook https://www.facebook.com/RuralNationsLtd

 

Bu toil le Rural Nations (Alba) CIC taing a thoirt don luchd-maoineachaidh. Tha iad a tha a' toirt obair do luchd-ealain agus a' cruthachadh pròiseact dhan choimhearsnachd anns na h-eileanan.


Rural Nations (Alba) CIC Còmpanaidh 488577 Àireamh Cìse. 983229204

Oifis clàraichte: 57 Barraid Sealladh an Iar, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Alba HS1 2DG


Fios: muriel@ruralnations.com

Latest News

HIFF 2017

HIFF 2017 is pleased to confirm this year's festival dates- 13th-16th September 2017. The festival returns with its island and environment theme b Full Story...

Hebcinema

Free films are on the way to a community centre near you! HebCinema is a new network of film clubs bringing cinema to local communities across Full Story...

website by plexus media