An Gnìomh a Dhearbhas


An Gnìomh a Dhearbhas


Aig àm an Tàghadh Coitcheann an 1918, fhuair boireannaich anns an Duthaich Aonaite      a’ bhòt airson a’chiad uair, ach cha dh’ fhuair a h-uile tè, dh’ fheumadh iad a bhith nas sìne na 30 agus sealbh aca air talamh neo togalaichean. An dearbh bhliadhna fhuair na h-Eileanan an Iar, Bàll Pàrlamaid airson a’ chiad uair. Sin an dà chuspair a thug an dealbh cluiche seo beò. Dè am beachd a bha air còirichean nam ban anns na h-eileanan agus iad cho fada bho na boireannaich a bha ag iomairt ann an Lunainn agus an Glaschu? Dè a bhuaidh a thug an cothrom bhòtadh air boireannaich ann an Steòrnabhagh agus ann an Hiort. Cheudna orrasan a bha fulang le bochdainn agus iadsan a bha ro òg agus nach dh’ fhuair a bhòt idir. Dè mar a gheibh sinn air an seanchas sin innse air criochan na Duthaich Aonaite, mu Alba agus ar n-eachdraidh.

An 1918 aig àm cho deatanach aig deireadh a’ chogaidh bu mhiosa a riamh, bha cothroman àdhartais ann. An dearbh bhliadhna bha uachdaran ùr air Eilean Leòdhais. Ach san Tàghadh Choitchionn am bliadhna sin, bha tàghadh ann eadar dithis bhon aon partaidh. A thuilleadh air na Libearalaich b’e an aon t-slighe eile am fear a sheas airson Còirichean Seilbh na Talmhainn agus chàill esan a chuid airgid. Cha do ghabh mòran an cothrom bhòtadh. Carson a bha na boireananaich a bhòtadh agus dè bha iad airson atharrachadh? Dè dh’ fhag na boireannaich gun a thighinn a-mach, an e creideamh, cultar, cànan neo beag diugh?

A dealbh a’ chluiche seo, bidh Rural Nations (Alba) CIC a rannsachadh coimnhearsnachd nan eilean, a fuasgladh na ceistean a tha gar buaireadh san dhutchaich an diugh. dè feum a tha ann an democrasaidh ? Cò a tha sinn a tàghadh airson ar riochdachadh agus a bheil e a deanamh diofar sam bith.

Thairis air an uair a thìde gheibh sin seanchas beatha, grunn bhoireannaich às na h-eileanan a dh’ fhag làrach an cois, ged bu aotrom an lorg an diugh, ann an eachdraidh an 20mh linn. Boireannaich a gabh pàrt agus a bha a strìth airson cothrom bhòtadh nam mnà, neo iadsan a bha a measg a’ chiad bhoireannaich a chleachd a’ bhòt. Bidh dràma, àbhachas, seanchasan agus ceòl na luib, a bheir na boireannaich sin beò gan luchd amharc.
 

Co obraichean An Gnìomh a Dheàrbhas

Chaidh cosgaisean coimisean An Gnìomh a Dheàrbhas a phàigheadh le CNES agus dileab..Tha Rural Nations a deanamh ceangal ri na leanas gus an dealbh-chluich a chur an gnìomh. 

Stellar Quines a toirt cothrom ga buidhnean sonraichte, earrainnean den dealbh cluich ùr fhaicinn mus bidh e deiseil.  Leabharlann nam Bàn an Glaschu a cur fios gu lionradh de bhuidhnean bhoireannaich ann an Alba.

Talla Eden an Inbhir Nis a toirt làrach airson teic-neolas an dealbh cluich a chur air dòigh. Agus làrach airson a’ phriomh thachartas ann am baile Inbhir Nis.
Arts nan Eilean a toirt an dealbh cluich gu tallaichean ionadail ann an Leòdhas

Tha Teatermaskinen an Riddarhyttan san t-Suain air cuireadh a thoirt ga Rural   Nations aithris den dealbh cluich a chur air adhairt san taigh deilbh aca.

 


Tha Rural Nations air coimisean a thoirt ga Victoria Banks sgrìobhadair à Lunnain airson scrìobt ùr An Gnìomh a Dhearbhas, Thòisich an rannsachadh bho chionn grunn mhìosan ‘s tha rudan ionganatach air a thighinn am bàrr, gu h-àraid mun obair agus  dòigh beatha boireannaich nan eilean eadar 1910 agus 1918.

 

Dhuibhse

Bu chaomh leinn ur seanchasan mu bheatha boireannaich nan eilean a chluintinn gu h-araid mu na bliadhnaichean ron Chiad Chogadh agus aig àm a’ chogadh (1910-1918) Seo cuid de na cheistean a tha againn aig an ire seo…

 

BOIREANNAICH AGUS POILEATAICS


Tha fhios againn gun deach Comann Strì Bhòt ga na Boireannaich a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh ann an 1911 agus bha co dhiù 25 bàll aig a’ Chomann. An aithne dhuibh cò iad? An aithne dhuIbh càil eile mu dheidhinn a’ Chomann seo?.

An aithne dhuIbh càil mu dheidhinn na boireannaich a bha an luib: Scottish Women's Liberal Federation (SWLF), the Scottish Women's Rural Institute (SWRI), the Scottish Co-operative Women's Guild.

An aithne dhuibh boireannaich anns na h-eileanan a bha an sàs neo aig an robh faireachdainnean làidir roimhe 1911. M.e. tha fhios againn gun robh coinneamhan agus strì an Inbhir Nis bho 1907 agus gun robh a’ Bh.ph Pankhurst a deanamh òraid an sin an 1909.

An aithne dhuibh càil mu dheidhinn na boireannaich a bha an luib Iomairt na Stuamachd anns na h-eaglaisean neo Scottish Temperance League neo Scottish Christian Union?

Bhiodh sinn fad nur comainn nam faigheadh sinn fiosrachadh air beatha Julia Martin Fraser (21b Baile Ailein) a bha na caraid aig a Mhorair Leverhulme. Anns na 1920an b’i a’ chiad bhoireannach a bha air Comhairle Baile Steòrnabhaigh. Bu mhath leinn barrachd fhaighinn a mach mu beatha mus robh i na comhairliche.

An aithne dhuibh mun tidsear air an robh Mrs Rennie?( Bha i an làthair aig coinneamh mu poileataics)

An cuala sibh mu bhoireannaich a chaidh a chlàradh airson a’ bhòt agus a bheil fhios na chleachd iad a bhòt sin?.

 

BOIREANNAICH AIG ÀM A’ CHOGAIDH (Women & War)


An aithne dhuibh clann-nighean a chaidh a dh’ obair ga na factoraidhean munition?

An urrain dhuibh rud sam bith innse dhuinn mu dheidhinn na WRENS (Steidhte 1917) bha iad an Steòrnabhagh san Fhaoilleach 1918.

A bheil fiosrachadh agaibh mu na boireannaich a bha na ban-altrum aig àm a’ chogaidh neo mu dheidhinn Scottish Women's Hospitals for Foreign Service?

Dè mar a bha beatha nam boireannaich agus na fir anns a’ chogadh? A bheil seanchas anns an teaglach agaibh pèin?

 

Ga Eòlaichean Eachdraidh (for historians)


1. Lorgar cunntas air coinneamh Comann Strì Bhòt nam Bàn ann an Talla nan Saor Chlachairean an Steòrnabhagh. Bha 3 mìnisteirean an làthair agus an neach strì Jessie Craigen. B’ e nighean cleasaiche ainmeil às an Eadailt agus seòladair à Alba a bha an Craigen. Cò riamh a chreideadh e! ‘S màithte gu bheil cunntas air a’ choinneimh a madeigin

2. A bheil beachd agaibh cò a mhìnicheas dè na dh’ fheumadh a bhith aig boireannaich mus faigheadh iad a bhòt? Agus dè bu choireach gun robh uidhir de bhoireannich nan eilean a co-lionadh sin.

3. A bheil càil a fhìos dè am beachd a bha aig na h-eaglaisean air a’ bhòt a thoirt do bhoireannaich?

4. ‘S e seo an t-àm bu doch’ Comhairle Baile Steòrnabhaigh a bhith a beachdachadh air cothrom bhòtadh do bhoireannaich mun t-Sultain 1910 neo tràth an 1911 (A’Ghiblein) Saoil càite an lorgadh sinn fiosrachadh mun a seo?. Bha seo mu àm an Conciliation Bill nach do shoirbhich. Tha sinn airson seo a chur dhan sgeulachd cuideachd

5 Thòisich Comann Cothrom Bhòtadh nam Bàn an Steòrnabhagh an deidh neach strì Alice Compton a thighinn a bhruidhinn aig iomairt an tàghadh airson Sgire Rois agus Chrombaidh anns an Og Mhìos 1911. Bha seo an dèidh gach neach tagraidh: Iain Mac a’Phearsain (Libearalaich) agus Uilleam MacPhatar Templeton ( Na h-Aonaidhean) iarraidh oirre bruidhinn air an àrd ùrlar nuair a nochd iad an Steòrnabhagh.
 

Ma tha fiosrachadh agaibh cuireadh fios gu Muriel Anna NicLeòid:muriel@ruralnations.com neo :07789117740


 

website by plexus media