Fiosrachadh
‘S e companaidh coimhearsnachd stèidhte an Steòrnbhagh a tha an Rural Nations.
Tha a’ chompanaidh air a riaghladh à dachaighean na stùirichean, ach a stèidheadh oifisean foirmeil airson ùine ghoirid aig àm tachartasan.
Thathas ag obair bho aon phròiseact chun an ath fhear, a’ cumail na cosgaisean ìseal: eadar conaltradh air Skype, a' cumail sùil gheur air cosgaisean siubhal, 's eile.
Deilbh nan Stiùirichean:
Muriel Anna NicLeòid - Stiùiriche Cruthachail agus Ball den Bhòrd
Tha Muriel Anna NicLeòid air a bhith a' coimiseanadh, stiùireadh agus a riochdachadh dràma agus fiolm dà-chananach agus Tèatar sa Ghàidhlig air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan bho chionn 17 bliadhna
Seo cuid aca: Portrona dealbh cluich coimhearsnachd an Steòrnabhagh, An Clò Mòr le Henry Adam, Callanish Stoned le Caomhainn MacNèill, The Sked Crew sgrìobhte le Iain Stephen, Roghainn Nan Daoine an cois John Wright, Lostbost dha MG Alba agus We Have Won the Land. Tha comataidh, deilbh agus fiolm gu làidir anns na deilbh cluich, a bhios i a' cruthachadh. Tha Muriel Anna air a bhith ag obair bho chionn ochd bliadhna a co-òrdanachadh pròiseactan Lìonradh Tèatar na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Far an do stèidhich i Fèis Dràma na h-Alba an Inbhir Nis an 2007/8 agus Ceangalaichean aig Tuath (Pròiseact a bhios a toirt luchd-ealain le sgilean sònraichte à Ceann a Tuath na Suain a dh’Alba) agus cuideachd a' stùireadh an cò-bhanntachd Northern Scottish Touring Fund (NSTF) 2011/2013. Tha eòlas mionaideach aig Muriel Anna air dealbhachadh ‘s a dèanamh puppaidean airson TV agus a dèanamh cumadh beathaichean mhòra airson cleasachd. Tha i aig an àm seo ag ionnsachadh cloinn air sgilean fiolm sa pròiseact DigiHeb ann an Ionad Pointers ann an Steòrnabhagh.
Magaidh Nic a’ Ghobhainn : Ball den Bhòrd
Bidh Magaidh ag obair anns a’ choimhearsnachd a’ cruthachadh agus a' cur an gnìomh pròiseactan ealain, deilbh-chluich, fiolmaichean agus tachartasan a tha a' buntainn ris an dualchas. Tha Magaidh a' toirt taic do sgrìobhadairean, cleasaichean agus luchd-dèanaimh fiolm gus fiolmaichean agus deilbh-chluich Gàidhlig agus Beurla a' chruthachadh dha na buidhnean seann daoine air an eilein. A co-òrdanachadh bùithtean-obrach ealain làimh às an dualchas agus tachartasan ceòl agus òrain ùra. Tha seo an lùib a’ bhuidhean coimhearsnachd Cabraich www.cabraich.org.uk Aig amannan eile bidh Magaidh a' clàradh seanchasan às an dualchas a tha ann an cunnart a bhith caillte agus gan sgaoileadh mar phrògram rèidio neo taisbeanadh. Tha Magaidh ag eadar-theangachadh deilbh-chluich agus a' cumail clasaichean coimhearsnachd a toirt taic dha luchd ionnsachaidh na Gàidhlig
Associate Producers: Ruaraidh Urpeth - HIFF Event Producer
Associated Artists: Artair Donald : Actor, Director & Producer collaborator on Misplaced
Ruaraidh Urpeth - Filmmaker and HIFF producer
John Mackinnon - Digiheb Specialist Tutor
Alex Patience - Storyteller and Collaborator on Wild
Seòladh
Rural Nations (Alba) CIC
Oifis clàraichte: 5 Slighe Cnoc na Eaglais, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais
Alba HS1 2NP
Cur fios thugainn air post-d, facebook neo teacs
Muriel Anna NicLeòid: Stiùiriche Cruthachail [email protected]
Daibhidh Walker Stiuircche
Maggie Smith Stiùiriche Rural Nations [email protected]
Facebook : https://www.facebook.com/RuralNationsLtd
Fios air teacs 0044 (0) 7789117740